Image: Goirseasan Cànain don bhun-sgoil

Goireasan

Tha na PDFs gu lèir airson nam faidhleachan seo rim faotainn a-nis.

 

Fiosrachadh

Mat bùird airson sgoilearan Clas 1 & Clas 2

desk mats

Bidh mat aig gach sgoilear aig an àite aca air a’ bhòrd.

Tha na prìomh fhaclan airson Clas 1 agus Clas 2 bho Phròiseact Litearrachd na Gàidhealtachd timcheall oir a’ bhrat agus tha dealbhan air le seantansan fòdhpa a bhios nam pàtran dha na sgoilearan.

Cuideachd tha àite ann far am faod an tidsear sgrìobhadh le peann freagarrach.

Bidh seo uile na thaic do na sgoilearan a thaobh sgrìobhadh, leughadh agus labhairt.

Seat Chairtean – Dèan Seantans

Sentence cards

Tha cairtean ann le dealbhan agus faclan a’ buntainn ri Mi Fhèin/An Teaghlach agus Beathaichean.

Taghaidh an tidsear dealbhan agus faclan a rèir an leasain.

Faodaidh na sgoilearan ceistean agus freagairtean a chur ri chèile leis na cairtean.

’S e an t-amas gun tèid structaran bunaiteach a dhaingneachadh ann an dòigh spòrsail, gnìomhach.

Tha seo a’ bualadh air an targaid cànain ’S urrainn dhomh innse dè tha ann an rud no neach.

Seantansan loop

Sentence Loops

Tha dà sheat de 14 cairtean ann, seat gorm agus seat dearg, a nì dà loop no cuairt.

Tha ceist agus freagairt air gach cairt, ach chan eil freagairt na ceist air an aon chairt ’s a tha a’ cheist.

Daingnichidh an gnìomh seo an targaid cànain ’S urrainn dhomh ceistean fhaighneachd agus a fhreagairt.

 

Cairtean freagairt

Aswer Cards

Tha seat de 30 cairt ann leis am freagair sgoilearan ceistean san tràth sheachad agus san tràth theachdail.

Tha cairtean ann airson nan 10 gnìomhairean neo-riaghailteach, bi, agus is.

Tha freagairt deimhinneach agus àicheil (yes/no) air gach cairt air leithid a dhòigh ’s gun gabh a tionndadh gu furasta leis an sgoilear.

Daingnichidh an gnìomh seo cuideachd an targaid cànain ’S urrainn dhomh ceistean fhaighneachd agus a fhreagairt, a thaobh nan gnìomhairean neo-raighailteach.

Postairean ro-riochdairean

Posters

Seat de 10 postairean A4 air a bheil na ro-riochdairean co-cheangailte ri: aig air ann à/às gu ro ri do/a le bho/o.

Tha na postairean air an dealbh gus taic a thoirt do sgoilearan an ceann shuas na bun-sgoile agus san àrd-sgoil.

Faodar an cur air a’ bhalla ach tha iad làidir gu leòr airson an làimhseachadh.

Brat-ùrlair na h-aibidil

Floor mat

A bharrachd air litrichean na h-aibidil Ghàidhlig, tha fuaimreagan le sràcan air a’ bhrat-ùrlair, agus cuid de na litrichean a gheibhear còmhla gu tric.

Leigidh seo le sgoilearan faclan Gàidhlig a litreachadh gu sgiobalta agus gu ceart ann an gèam mar Twister.

Timcheall air a’ bhrat, le dealbhan nan cois, tha faclan bho Fuaim is Facal a tha nam pàtran agus nan taic do sgoilearan.

Tha am brat feumail airson ionnsachadh gnìomhach.