Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image: Leis an Airgead

Matamataig agus Madaidhean...


Fuasgail agus Freagair – Leabhraichean Mòra Matamataig

Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig air leth toilichte goireas ùr matamataig a thoirt chun na bun-sgoiltean. Às dèidh iarrtas bho thidsearan airson stuthan Fuasgladh-cheist chaidh trì leabhraichean le Kingscourt an tionndadh gu Gàidhlig. ‘S ann air na tràth ìrean a tha na leabhraichean seo ag amas.

’S e an leabhar orains as sìmplidhe, an uair sin am fear uaine agus an uair sin am fear pinc. Tha sinn gu mòr an dòchas gun còrd iad ris na sgoilearan agus gum bi tidsearan gam meas feumail.

Matamataig Teejay Ìre D

Image: TJ Maths 5-14Tha sinn toilichte Leabhar-teacsa Teejay aig ìre D a thoirt thugaibh.  Chaidh an leabhar seo a thionndadh gu Gàidhlig agus fhoillseachadh as deidh iarrtas bho àrd-sgoiltean airson leabhraichean Matamataig a bhiodh eadar-dhealaichte bho Heinemann.  Taing mhòr do Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu airson na rinn iad a thaobh eadar-theangachadh.   Tha sinn an dràsta a’ deisealachadh leabhar-teacsa Ìre F a bharrachd air stuthan airson Obair-dachaigh agus Measadh.  Thathar an dòchas gum bi Ìre F a’ nochdadh san Lùnastal.  Tha sinn an dòchas gun còrd na leabhraichean ris na tidsearan agus ris na sgoilearan agus gum bi iad gu feum. 

Image: Uamh nan CnamhanUamh nan Cnàmhan

Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig toilichte nobhail ùr a thoirt thugaibh cuideachd.  ’S ann do cheann shuas na bun-sgoile a tha Uamh nan Cnàmhan, sgrìobhte le Anna agus Dòmhnall Iain Moireasdan.  Tha an leabhar stèidhte timcheall air Joe agus Lila, piuthar is brathair a th’ ann an cùram na stàite, agus air clach-eòlaiche air a bheil iad a tachairt ann am beanntan Chataibh.  Tha cuspairean mar churam-cloinne, eachdraidh, cruinn-eòlas agus sàbhailteachd a’ nochdadh tron leabhar.   Thathar an dòchas gun cord an sgeulachd ris an òigridh agus gun toir i an cuid cànan air adhart.    


Graphic: FF correction