Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Stòrlann

Dreuchdan Bàn

Oifigear Leasachaidh Feumalachdan a Bharrachd

Adhbhar na Dreuchd
An Dreuchd

Àite

Sùbailte

Amas na Dreuchd

Bidh Oifigear Leasachaidh nam Feumalachdan a Bharrachd a’ leasachadh, ag atharrachadh agus a’ lìbhrigeadh stuthan foghlaim Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh le diofar fheumalachdan sònraichte.

Cùmhnant

Maireannach

Uairean san t‑Seachdain

17.5

Cunntachail do

Ceannard

Tuarastal

£44,200 per annum (pro-rated) + CUIBHREANN NAN EILEAN (FAR A BHEIL SEO IOMCHAIDH)

Dleastanasan

  • A’ cruthachadh stuthan teagaisg Gàidhlig diofaraichte (goireasan lèirsinneach, duilleagan-obrach, stuthan didseatach) air an dèanamh freagarrach do dhiofar fheumalachdan sònraichte.
  • A’ gabhail pàirt ann an sgiobaidhean phròiseactan a rèir feum.
  • A’ sgrùdadh, a’ cruthachadh, a’ sgrìobhadh agus a’ dèanamh dreach de stuthan mar a thèid aontachadh.
  • A’ dèanamh ceangal ri sgoiltean agus ùghdarrasan.
  • A’ cumail suas ris an stiùireadh as ùire air foghlam agus cànan a thaobh Gàidhlig mar chuspair agus a’ gabhail pàirt ann an cùrsaichean trèanaidh air an aontachadh ris a’ Mhanaidsear.
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil goireasan a’ tighinn a rèir frèam-obrach a’ churraicealam.
  • A’ dèanamh ceangal ri Sgìoba Càileachd Stòrlann airson a bhith cinnteach à mionaideachd agus ìre cànain agus ùghdarrachd cultarail nan stuthan gu lèir.
  • A’ dèanamh ceangal ri buidhnean iomchaidh, air aontachadh le Stòrlann, airson cur ri leasachadh ghoireasan.
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil gach obair is dleastanas air an coileanadh gu sàbhailte gus nach èirich cron sam bith dhut a thaobh do shlàinte no do shàbhailteachd, no do neach-obrach sam bith eile no do neach dhen phoball.
  • A’ gabhail pàirt ann an tachartasan ionnsachadh fad-bheatha gus taisbeanadh a dhèanamh air goireasan foghlaim Stòrlann, mar eisimpleir trèanadh in-sheirbheis.
  • A’ siubhal mar a bhios feum air gus dleastanasan na h-obrach a choileanadh.
  • Dleastanasan eile a rèir inbhe na dreuchd air am bi feum bho àm gu àm gus dèanamh cinnteach à èifeachdas na seirbheis.

Dèan Tagradh An-dràsta
Iarr pasgan fiosrachaidh bho oifis Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, An Tosgan, 54 Rathad Shìophoirt Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais.  HS1 2SD agus cuir a-steach an tagradh agad, no Post-d gu  corporate@storlann.co.uk

Ceann-latha airson Iarrtasan: 29mh Ògmhìos 2026

Deit an Agallaimh [ri dhearbhadh]

 Stòrlann - Cunntas na Dreuchd

 Stòrlann - Foirm Iarratais

 Stòrlann - Equal Opportunites Monitoring

Cruthadair Ghoireasan Gàidhlig

Adhbhar na Dreuchd
An Dreuchd

Cruthadair Ghoireasan Gàidhlig

Àite

Sùbailte

Amas na Dreuchd

Bidh Cruthadair nan Goireasan Gàidhlig a’ leasachadh sàr ghoireasan tarraingeach a bheir taic do ionnsachadh, cleachdadh agus brosnachadh na Gàidhlig agus a cultar. Tha an dreuchd ag amas air stuthan foghlaim do luchd-ionnsachaidh, luchd-foghlaim agus dhan choimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaineachd a chruthachadh a bhios ruigsinneach agus mionaideach a thaobh cànan agus cultar.

Cùmhnant

Maireannach (beachdaichear air co-roinn na dreuchd)

Uairean san t‑Seachdain

35

Cunntachail do

Ceannard

Tuarastal

£42,018 per annum + CUIBHREANN NAN EILEAN (FAR A BHEIL SEO IOMCHAIDH)

Dleastanasan

  • A’ cuideachadh le leasachadh agus lìbhrigeadh prìomh phrògram foillseachaidh Stòrlann, gu h-àraidh co-cheangailte ri goireasan bun-sgoile mar duilleagan-obrach, planaichean leasain, scriobtan èisteachd, bhidiothan agus geamannan foghlaim.
  • A’ gabhail pàirt ann an sgiobaidhean phròiseactan a rèir feum.
  • A’ sgrùdadh, a’ cruthachadh, a’ sgrìobhadh agus a’ dèanamh dreach de stuthan mar a thèid aontachadh.
  • A’ dèanamh ceangal ri sgoiltean agus ùghdarrasan.
  • A’ cumail suas ris an stiùireadh as ùire air foghlam agus cànan a thaobh Gàidhlig mar chuspair agus a’ gabhail pàirt ann an cùrsaichean trèanaidh air an aontachadh ris a’ Mhanaidsear.
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil goireasan a’ tighinn a rèir frèam-obrach a’ churraicealam.
  • A’ dèanamh ceangal ri Sgìoba Càileachd Stòrlann airson a bhith cinnteach à mionaideachd agus ìre cànain agus ùghdarrachd cultarail nan stuthan gu lèir.
  • A’ dèanamh ceangal ri buidhnean iomchaidh, air aontachadh le Stòrlann, airson cur ri leasachadh ghoireasan.
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil gach obair is dleastanas air an coileanadh gu sàbhailte gus nach èirich cron sam bith dhut a thaobh do shlàinte no do shàbhailteachd, no do neach-obrach sam bith eile no do neach dhen phoball.
  • A’ gabhail pàirt ann an tachartasan ionnsachadh fad-bheatha gus taisbeanadh a dhèanamh air goireasan foghlaim Stòrlann, mar eisimpleir trèanadh in-sheirbheis.
  • A’ siubhal mar a bhios feum air gus dleastanasan na h-obrach a choileanadh.
  • Dleastanasan eile a rèir inbhe na dreuchd air am bi feum bho àm gu àm gus dèanamh cinnteach à èifeachdas na seirbheis.

Dèan Tagradh An-dràsta
Iarr pasgan fiosrachaidh bho oifis Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, An Tosgan, 54 Rathad Shìophoirt Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais.  HS1 2SD agus cuir a-steach an tagradh agad, no Post-d gu  corporate@storlann.co.uk

Ceann-latha airson Iarrtasan: 29mh Ògmhìos 2026

Deit an Agallaimh [ri dhearbhadh]

 Stòrlann - Cunntas na Dreuchd

 Stòrlann - Foirm Iarratais

 Stòrlann - Equal Opportunites Monitoring

Cuir Fios

01851 700880
Graphic: FF correction